Tha e gasta gu bheil ùidh agad san tar-sgrìobhadair air loidhne – an làrach-lìn a nì e furasta fo-thiotalan is tar-sgrìobhaidhean a chruthachadh do dh’fhaidhlichean fuaime no videothan sa bheil Gàidhlig.
Chan aithnich an tar-sgrìobhadair air loidhne gach facal mar bu chòir agus leis a sin, ’s urrainn dhut an tar-sgrìobhadh a chur air gleus air an làrach-lìn.
Mur eil thu a’ faighinn ach brochan a tha feumach air mòran ceartachaidh, feuch na leanas. Dèan cinnteach gu bheil an neach a tha ga chlàradh faisg gu leòr air micreofon a tha ag obair gu math agus gum bruidhinn iad air dòigh shoilleir gun a bhith ro luath. Chan eil teans mòr gun aithnich an tar-sgrìobhadair faclan Beurla no faclan leth-Ghàidhlig mar tiops no piodsa.
Mur eil an tar-sgrìobhadair air loidhne a’ dèanamh a’ chùis air aithneachadh do ghuth ro mhath, dh’fhaoidte nach eil an t-inneal ro eòlach air do dhual-chainnt no nàdar de ghuth fhathast. Ma tha thu airson ’s gun aithnich an tar-sgrìobhadair air loidhne do ghuth nas fheàrr san àm ri teachd, bhiodh e na chuideachadh dhuinn nan co-roinneadh tu an dàta agad leinn (faic gu h-ìosal). https://commonvoice.mozilla.org/cy
Ma chleachdas tu an tar-sgrìobhadair air loidhne, thoir an aire gun tèid an fhuaim, video no video YouTube agad a chur a-null gu na frithealaichean againn airson tar-sgrìobhadh. Cumaidh an tar-sgrìobhadair air loidhne lethbhreac dhen fhuaim, dhen tar-sgrìobhadh fèin-obrachail agus ceartachadh sam bith a rinneadh air fad 30 latha airson ’s gum bi ùine gu leòr agad an t-seirbheis a chleachdadh agus a’ chiad oidhirp againn a cheartachadh. Thèid gach faidhle a tha co-cheangailte ris an iarrtas tùsail agad a sguabadh às na frithealaichean againn an dèidh 30 latha. Tha suim againn dha do phrìobhaideachd agus còraichean-lethbhreac agus cha chleachd sinn an dàta agad airson dad eile ach seirbheis an tar-sgrìobhadair air loidhne a thoirt seachad.
Ma tha thu deònach cead a thoirt dhuinn an dàta agad a chleachdadh agus mar bheir thu, mar ùghdarras no sealbhadair na còrach-lethbhreac, cead dhuinn an dàta agad a chleachdadh airson corpas a stèidheachadh leis an toir sinn piseach air an tar-sgrìobhadair a thaobh tar-sgrìobhaidh agus teicneolasan Gàidhlig san fharsaingeachd, cuir fios thugainn air <a href="mailto:GARG@ed.ac.uk">GARG@ed.ac.uk</a> agus chì sinn na nì sinn còmhla.
Ma chuireas tu faidhle fuaime, video no ceangal YouTube chun na làraich-lìn, bidh tu a’ gabhail ris na teirmichean seo.
Lean na ceuman gu h-ìosal ach an aithnich an tar-sgrìobhadair air loidhne na chanas tu ann an Gàidhlig agus airson ’s gun dèan e teacsa dheth.
Chan aithnich an tar-sgrìobhadair air loidhne gach rud a chanas tu gu mhearachd. A-rèir nan deuchainnean againn, nì an tionndadh tòiseachail seo dhen ghleus mearachd a thaobh 25% de dh’fhaclan. Ma tha thu a’ faighinn toradh a tha fada nas miosa na seo, feuch na leanas:
Seo dhut na ceuman ma-thà: